Baile Úr Gaelach d’Albain

Posted on Bealtaine 14, 2013 le

10



Funding agreed for first stage of new Gaelic village in Skye

Tá gliondar ar lucht Sabhal Mòr Ostaig, an tIonad Náisiúnta Teanga agus Cultúr na Gaeilge in Albain, tar éis gur aontaíodh £1 milliún de mhaoiniú Eorpach a chur ar fáil dá sráidbhaile nua Gáidhlig, an Chill Bheag.

Beidh an sráidbhaile nua lonnaithe i Sléite san Oileán Sgiathanach, áit a bhfuil an Coláiste lonnaithe faoi láthair.

D’fhógair an Leas Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, BPA, go rachaidh £1.908m de mhaoiniú caipitleach chur ar fáil don togra ó Chistí Struchtúracha na hEorpa.

KilbegUpdatedMasterPlan

Mór-phlean na Cille Bige

Cuirfidh an maoiniú seo leis an mhaoiniú de £6.7 milliún atá faighte ag an togra go dtí seo ó Riaghaltas na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Chomhairle Mhaoineachaidh na h-Alba, Chomhairle na Gàidhealtachd is Urras Leasachaidh Sabhal Mòr Ostaig.

Ciallaíonn sé seo go léir gur féidir toiseacht ar an togra go láithreach.

Maitear go mbeidh an-tionchar dearfach ag an togra seo ar an gheilleagar áitiúil, cruthóidh sé féin 20 post agus beidh 50 fostaithe le linn na tógála.

Tá sé i gceist 75 theach a thógáil san iomlán thar fiche bhliain.

Tógfar ionad comhdhála le 40 seomra chomh maith.

Dúirt Neach-cathrach SMO, an Siorraidh Ruaraidh Iain MacLeòid, “Tha am Bòrd Stiùiridh air leth toilichte gu bheil an Sabhal Mòr a-nis ann an suidheachadh far an urrainn dhuinn a dhol air adhart leis a’ phròiseact bhrosnachail lèirsinneach seo.

“Chan ann a h-uile latha a gheibh ionad-foghlaim an cothrom a dhol an lùib leasachadh cho sàr-shamhlachail, a fhrithealas feumalachdan leasachadh fearainn an t-Sabhail san àm ri teachd ach cuideachd, ann an com-pàirteachas leis a’ choimhearsnachd, a chruthaicheas dhan Eilean Sgitheanach a’ chiad bhaile ùr bhon a stèidhichear baile Phort nan long far an do thogadh mi-fhìn le muinntir na Hearadh is Leòdhas o chionn ceud bliadhna.”

Lean Mgr MacLeòid air, “Tha am pròiseact a’ tachairt aig crois-rathaid chudromach ann an eachdraidh an t-Sabhail Mhòir: bidh a’ chiad phloc air a ghearradh ann an 2013, nuair a bhios sinn a’ comharrachadh an 40mh Ceann-bliadhna againn.

“Tha an tuiteamas sin gu math iomchaidh seach gum bi am baile ùr, ann an iomadh dòigh, na thaisbeanadh air amasan agus rùintean Shir Iain Noble agus nan Urrasairean aige a stèidhich SMO, gum biodh Gàidhlig, mar chànan, na h-adhbhar brosnachaidh do leasachadh eaconamach agus sòisealta san sgìre. Tha mi cinnteach às gum biodh iad air a bhith gu mòr air cùl na tha fo ar comhair an-dràsta.”

Dúirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ollamh Boyd Robasdan, “Tha lèirsinn agus ùr-ghnàthachas air a bhith nan comharran air Sabhal Mòr Ostaig bho thoiseach agus tha  Pròiseact àrd-mhiannach na Cille Bige gan taisbeanadh uair eile.

“Tha maoineachadh ERDF fìor chudromach seach gun leig e leis a’ Cholaiste teannadh air an obair a bhios co-cheangailte ri bhith a’ cur lèirsinn a’ Mhòir Phlana an gnìomh.  Bidh buannachd dhan Cholaiste is dhan choimhearsnachd ann an leasachadh na Cille Bige agus cuiridh e spionnadh às ùr ann an ath-bheothachadh eaconamach Shlèite, a chaidh a spreigeadh le stèidheachadh SMO ann an 1973.”

Dúirt Donaidh Rothach, Stiùiriche Leasachaidh, Maoineachaidh is nan Ealain ag Sabhal Mòr Ostaig, “Tha seo a’ toirt cothrom do SMO, ann an com-pàirteachas leis a’ choimhearsnachd ionadail, airson baile ùr, beothail is seasmhach a chruthachadh agus a’ Ghàidhlig a ghleidheadh ann an teis-meadhan na coimhearsnachd. ‘S e pròiseact lèirsinneach fad-ùine a th’ anns a’ Chill Bhig agus thèid a leasachadh mean air mhean airson caochladh ghoireasan a sholarachadh don Cholaiste fhèin is don choimhearsnachd ionadail.

“Thèid goireasan spòrs, air a bheil cruaidh-fheum, a liubhairt an lùib ìrean leasachaidh a’ Mhòir Phlana, agus taighean air prìsean reusanta, bùithtean is gnìomhachasan, toglaichean foghlaim is rannsachaidh, goireasan co-labhairt is thachartasan, taigh-òsta beag agus suas ri 75 taighean a thoirt gu buil.

“Chaidh na riaghailtean dealbhaidh aontachadh an lùib co-theacs an Aonta Dhealbhaidh airson dèanamh cinnteach gun coilean an leasachadh na h-ìrean as àirde a thaobh àrainneachd agus ailtearachd agus gum bi a’ Chill Bheag na deagh eisimpleir air leasachadh dùthchail a tha an dà chuid ùr-nodha agus seasmhach.”

Trácht 

Ciarán Dúnbarrach

Níl aon amhras faoi go bhfuil an togra seo an-dearfach do chúis na Gaeilge in Albain.

Is réabhlóideach an rud é chun 75 theach a thógáil do lucht na Gáidhlig.

Is léir gur laoch i measc na laochra é Iain Noble, an fear a chuir tús le Sabhal Mór Ostaig.

Is é an cheist ná – arbh fhéidir a leithéid a thógáil in Éirinn?

An mbeadh Foras na Gaeilge nó Údarás na Gaeltachta sásta a leithéid a mhaoiniú i mBreacGhaeltacht in Éirinn, agus muna mbeadh, cén fáth?

An mbeadh go leor fuinnimh fágtha i nGaeil na hÉireann chun tabhairt faoi?

Bhí pleananna ar bun chun a leithéid a thógáil i nDeisceart Thír Eoghain ach theip ar an togra de bhrí nárbh fhéidir leo ceadúnas pleanála a fháil do na tithe agus de bhrí gur cuireadh deireadh le deontas na heagraíochta a bhí taobh thiar de.

Féach chomh maith 

Tacaíocht níos mó ná mar a shíleadh don Ghaeilge in Albain