“Furan”: Ionad Ùr Ghàidhlig anns an Óban

Posted on Meán Fómhair 19, 2013 le

0



2013-09-06 11.52.36Chaidh mi a’ céilidh air Donnchadh MacNèill anns an Óban Dihaoine sa chaidh airson tuillidh fiosrachaidh fhaodainn air an ionad ùr Ghàidhlig air fosgladh anns an Óban. Cha deach an t-ionad “a chur air bhog” fhathast, ach ‘s cinnteach gum bith sin a’ tachairt sna seachdainean a tha romhainn. Bhon tha mi air Gàidhlig Latharna a thogail agus tha mi a’ dèanadh rannsachaidh air dualchainnt ‘s beul-aithris na sgìre, shaoil mi gum bitheadh e freagarrach an sgeul a fheòrachadh!

‘S e “Furan” a th’ aca air an ionad, a tha a’ ciallachadh “fàilte agus aoigheachd bhlàth”. Tháinig an t-ainm air inntinn Dhonnchaidh dar a bha e a’ leughadh leabhair Ghàidhlig anns a thachair e air an fhacal. Bha e den bheachd gum bitheadh e glé fhreagarrach, leis a’ chiall agus bhon tha furasta an t-ainm fhuaimneachadh do dhaoine gun Ghàidhlig. Gu dearbh, bithidh tu a’ faodainn “fàilte agus furan” aig an ionad gun teagamh sam bith!

Tháinig an smaoin gu bàrr bho chionn dhà bhliadhna a-nis, agus mu dheireadh thall tha a’ ghnothach air toirt gu buil. Fhuair am pròiseact tabhartas de £160,000 bho Riaghaltas na h-Alba; dh’ fhaoidte gum b’ urrainn dhut a ràdhainn gun e fìor bheag an t-suim airgid a tha sin anns an fharsaingeachd, ach dar a sheallas tu air na th’ air tighinn ás an airgead sin, bithidh tu ‘g aontachadh rium gun e deagh-thasgadh a th’ ann ‘s gum bith e a’ cur cuid mhór ris a’ choimhearsnachd…

Tha an t-ionad stéidhchte anns na Tallaichean Chorrain, far a bhitheas iomadh tachartasan a’ dol ann. Tha oifis an ionaid suas nan staighrean, agus tha dithist seòmar ann — an oifis far a bheil goireasan ann airson 6 laptops, agus leabharlann beag, agus ‘s e seòmar co-labhairt a th’ anns an seòmar eile, far a bheil “clàr-ghlic”, bùird ‘s cathraichean, agus sealladh brìagha den Óban!

2013-09-06 12.16.37                          2013-09-06 12.16.48

2013-09-06 12.17.00                          2013-09-06 12.17.33

2013-09-06 12.17.43                          2013-09-06 12.17.59

Chan e ionad airson an Óbain a-mhàin a tha seo, mar a dh’ innis Donnchadh chòir dhomh; ‘s e ionad airson Arra-Ghàidheil air fad a th’ ann, agus bithidh e a’ cur cuideam air sin le abairtean, gnàthasan-cainnt ‘s seann-fhaclan bhon sgìre air fad air ballaichean an ionaid, agus tha e airson ‘s gum bith co-cheangal aig na sgìrean eadar-dhealaichte ann an Arra-Gàidheal ris an ionad anns an Óban. ‘S e “hub” a th’ anns an Óban airson na Gàidhealtachd ‘s nan Eileanan air fad, ‘s mar sin ‘s e àite nàdarra a th’ ann airson ionad leis an fheallsanachd sin.

Bithidh Donnchadh ‘g obair gu dlùth ri buidhnean mar Bòrd na Gàidhlig agus Clì Ghàidhlig, agus buidhnean ionadail eile, airson clasaichean agus tachartasan a chur air dòigh anns an ionad agus ann an coimhearsnachd an Óbain. Cuirear clasaichean Ghàidhlig, cearcaill chòmhraidh, agus co-fharpaisean cheist (aig a bhitheas ceòl cuideachd) air dòigh, agus céilidhean dùthchasacha uair sa mhìos cuideachd. ‘S e goireas fìor-mhath a th’ anns na Tallaichean, bhon tha àrd-ùrlar aca shìos staighre, seòmar anns a bheil bùird ‘s cathraichean airson faireachdainn “café” a chruthachadh, agus tha bàr beag ann cuideachd. Tha Donnchadh den bheachd gum bitheadh na seòmraichean seo freagarrach airson cearcaill chòmhraidh agus cuirmean-ciùil. Cuirear sreath d’ òraidean a leithid de na h-òraidean aig an Comunn Gàidhlig Ghlaschu air dòigh anns an seòmar co-labhairt air cuspairean eadar-dhealaichte.

Mar chuid den phròiseact, chaidh tabhartas de £120,000 a-staigh airson ionad ioma-mheadhanach a mhaoineachadh ann an Ard Sgoil an Óbain, airson sgoilearan a tha ‘g ionnsachadh na Gàidhlig ann. Tuillidh air sin ged-tà, cuirear bùthan-obrach fiolm agus ioma-mheadhnan air dòigh airson inbhich ann cuideachd. Bithidh ceangal làidir eadar na sgoilearan agus daoine óga na coimhearsnachd ri fileantaich a tha fuireachd anns an Óban, gu sònraichte fileantaich anns na taighean-curam. Bhon tha dualchainntean eadar-dhealaichte a th’ anns an Óban, le daoine de bhuineas nan Eileanan a’ fuireachd ann, ‘s e cothrom fìor-mhath a tha seo aig daoine óga Gàidhlig ghlan ionnsachadh bho na fileantaich, agus bithidh fìor-mhath airson dàimhean eadar-ghinealaiche a chruthachadh.

Tha fiughar agam ri mo chuid fhéi’ a chur ris a’ phròiseact seo, agus tha mi a’ creidsinn gun e comharra a tha seo gu bheil cridhe na Gàidhlig a’ buaileadh gu làidir ann an Arra-Ghàidheal fhathast!

— Alison Ní Dhorchaidhe, Glaschu