Ath-neartachadh Cànain agus Litreachas

Posted on Deireadh Fómhair 7, 2013 le

0



Cuir do bheachdan an-seo… (roghainneil)

Cànain, Clò, is Cleachdadh

The English version of this blog is available here: liamalastair.wordpress.com

ATH-THILLEADH GLUASAD CÀNAIN

Is e aon de na prìomh dhleasdanasan a th’ aig foillseachadh Gàidhlig a bhith a’ cur ri cleachdadh, àbhaisteachadh, agus ath-neartachadh cànain. Sa phost seo, bheir mi sùil air iomairtean Ath-thilleadh Gluasad Cànain agus litreachas – aon ghoireas a tha corra uair air a dhearmad aig luchd-iomairt mhion-chànainean.

Ìre 6 (air tomhas GIDs no Graded Intergenerational Disruption Scale), J. Fishman (1991): gun tèid a’ mhion-chànain a cleachdadh mar dhòigh-chonaltraidh do choimhearsnachd talmhaidh agus gun tachair tar-chur na cànain o ghinealach gu ginealach.

Gu bitheanta, bidh luchd-iomairt mhion-chànainean a’ cur earbsa mòr ann am briathran Fishman sna leabhraichean aige mu dh’ath-bheòthachadh chànainean a tha an an cunnart. San leabhar aige, Reversing Language Shift (1991), chruthaich e griod-tomhais, mar an sgèile Richter, gus na diofar ìrean de bheòthalachd cànain a mheasadh le bhith a’ coimhead air…

Amharc ar an alt bunaidh 853 d’fhocla eile

Posted in: Nuacht