Uilebheist Loch Nis, urban myths agus an Jura Liberation Front #gàidhlig

Posted on Márta 20, 2014 le

0



Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Sa bhloga mu dheireadh agam, bha mi a-mach air a’ chiad turas agam gu Steòrnabhagh na Grèine le tiocaid trèana/bus/bàta. An àite a bhith a’ dol air a’ phlèana, dh’ fhuirich mi air uachdar na talmhainn.

Bha an turas bàta gu math inntinneach. Cha robh an aiseag àbhaisteach Eilean Leòdhais a’ ruith agus ‘s e bàta nas lugha is nas slaodaiche, Eilean Arainn, a bh’ air an t-slighe na àite.

A rèir coltais, chaidh am bàta a chur air bhog le muinntir Take the High Road. Dè cho tacky sa tha sin!

Bha e soilleir gum bi Eilean Arainn a’ dol air diofar slighean oir bha sanasan ann mar “thig gu Taigh-òsta X ann an Ceann Loch Chille Chiarain” ri taobh “Taigh-òsta Y, Ìle”, làimh ri “self-catering Z, Arainn”.

Agus a rèir coltais, tha an Jura Liberation Front ag adhbharachadh dhuilgheadasan do ChalMac a-rithist: faic am postair seo.

Abair…

Amharc ar an alt bunaidh 551 d’fhocla eile

Posted in: Nuacht