Tha cothrom aig Albannaich

Posted on Márta 22, 2014 le

1



le Daibhidh Rothach

Is an reifreann air neo-eisimeileachd a-nis air fàire, tha cothrom aig Albannaich an t-Aonadh, agus nàiseantachd, a dhiùltadh.saltire

Ach ged a tha fèin-aithne nàiseanta air a bhith aig cridhe iomadh strì aig dùthaich is colonaidh a bha a’ sireadh saorsa o sheann mhaighstir impireil, ‘s ann faiceallach a tha gach taobh na beàirn air a bhith ga cleachdadh ann an Alba. No, co-dhiù, chan eil taobh seach taobh aca a’ diùltadh fèin-aithne Breatannach no Albannach uile gu lèir.

Chan eil faireachdainnean Breatannach làidir ann an Alba. Bha timcheall air dà threas den t-sluagh gan dearbhadh mar ‘Albannach a-mhàin’ a-rèir figearan a’ chunntais-shluaigh mu dheireadh, fada barrachd na bha sna seachdadan nuair a dh’ èirich am Pàrtaidh Nàiseanta mar chumhachd phoilitigeach.

Nam b’ ann a-rèir air fèin-àithne nàiseanta a bha an reifreann, bhiodh Yes a’ buannachadh gu furasda. Bho thaobh a-muigh na dùthcha, ma-tha, feumaidh gu bheil e a’ coimhead caran neònach nach eil an Iomairt Yes a’ togail a’ bhrataich agus a’ cur air adhart an reifreann mar roghainn eadar Alba is Breatainn.

Ach, cudthromach is gu bheil i do dh’ iomadh Albannach, chan eil an ceangal eadar fèin-aithne nàiseanta agus rùintean-bhòtaidh idir cho soilleir no stèidhichte is a tha iad ann an dùthchannan eile.

An dèidh barrachd na trì ceud bliadhna san Aonadh, ‘s ann iomadh-fhillte a tha an càirdeas eadar Breatann is Alba, agus tha mòran Albannaich a’ faireachdainn nach eil fèin-aithne Breatannach no Albannach co-dhealaichte.

Ged a tha e caran eu-coltach gum biodh Iain Pàislig a’ togail bratach Phoblachd na h-Èireann no a’ brosnachadh camanachd, s’ ann a tha Buill Pàrlamaid Albannach a’ leantainn an sgioba nàiseanta is a’ brosnachadh na Gàidhlig.

Air an làimh eile, tha àrd nàiseantaich follaiseach aig seirbhisean chuimhneachaidh chogaidh, agus tha cuid a’ toirt taic do chòir na Breatainne sealbh a chumail air na h-Eileanan Fàclannach agus Diobraltair.

San fhad-ùine, tha an gainnead de phòlarachadh seo air a bhith cuideachail do na nàiseantaich. Is an deasbaid air bhith saor o phuinnsean na còmhstrithe agus an fhòirneirt a bha na plàigh air Èireann, cha deach dearbh-aithne a dhaingneachadh le gràin, agus mar as fhaide a ghluaiseas Breatainn o linn na h-Ìompaire agus o chuimhne an Dàrna Cogaidh, ‘s ann as làidir a tha fèin-aithne Albannach air a bhith a’ fàs.

‘S e gu bheil fèin-aithne Albannach fosgailte do dh’ uile as adhbhar gu bheil an dùthaich a-nis fada nas fhaisge air neo-eisimeileachd na tha Ulaidh gu bhith na pàirt de dh’ Èirinn aonaichte.

scotland-independence Ach – agus tha an Iomairt Yes a’ tuigsinn seo glè mhath – leis nach eil fèin-aithne nàiseanta ceangailte gu teann ri rùintean-bhòtaidh, bidh tòrr den dà threas aig nach eil fèin-aithne Bhreatannach a’ bhòtadh No.

Chan fheum cumhachdan phoilitigeach slàn a bhith aig Alba gus am bi i na dùthaich, tha iad ag ràdh. No b’ fheàrr leotha a dh’ fhuireach am broinn structar a tha, nam barail-san, a’ tabhainn barrachd cothroman malairt, no a tha a’ toirt guth do dh’ Alba aig ìre na b’ àirde na bhiodh aice nam b’ i dùthaich neo-eisimeileach a bh’ innte – air Comhairle Thèarainteachd nan Dùthchannan Aonaichte, mar eisimpleir.

Tha cuid dhiubh a’ giùlain teagamhan mu chomas na dùthcha a sheasamh air a casan fhèin, roinn cudthromach den luchd-bhòtaidh, agus roinn air a bheil an dà iomairt air a bhith ag obair. Tha an Iomairt Yes ag innse dhaibh gur e dùthaich bheartach a th’ ann an Alba ach, is i gun chumhachdan làn, chan eil comas aig an riaghaltas na stòrasan nàdarra a làimhseachadh no an eaconamaidh a stiùireadh mar bu chòir.

‘S e an teachdaireachd aca do luchd-bhòtaidh gur e an t-Aonadh as adhbhar gu bheil Alba ann an droch staing eaconomaigeach, chan e càirdeas a tha ga cuideachadh troimhe.

Tha fios aig an Iomairt No cuideachd gu bheil gainnead earbsa na fheart nàiseanta a tha a cheart cho cumanta ris a’ ghreim-cridhe, agus tha iad a’ gabhail brath air: tha Alba ro bheag – tha an ola gu bhith a’ ruith a-mach – bhiodh companaidhean Sasannach a’ gluasad a-mach às an dùthaich – tha gaol againn air Alba, ach tha sinn Nas Fheàrr Còmhla. Chan ann gun adhbhar a tha iad gan ainmeachadh fhèin mar ‘Project Fear’.

An coimeas ris an iomairt sgiobalta aig Yes aig a bheil, mar a thuirt seann bhall-phàrlamaid Làbarach Dennis Ú Ceanndubháin, ‘feachd de luchd-iomairt’, ‘s ann mi-bhrosnachail, fiù tàmailteach, a tha cuid de na thachartasan aig No. Bha an ìomhaigh de neach-iomairt aonarach a’ seachran sràid fhuar gun fhios dè dìreach gum bu chòir dha a bhith a’ dèanamh na chomharra, ‘s dòcha, gu bheil Albannaich a’ diùltadh na Breatainne mar nàiseantachd, ach chan eil iad buileach cinnteach gu bheil iad comasach air an Rìoghachd Aonaichte fhàgail fhathast.

Ged a b’ fheàrr le cuid gum biodh Aileag Salmond a’ pìobaireachd nam fineachan tro ghleanntan na Gàidhealtachd don a’ bhocsa-baileit, tha am bhòt aig na daoine seo aig Yes co-dhiù.

Ma tha iad gu bhith soirbheachail, tha fios aig Yes gun fheum iad teagamhan traidiseanta nan Albannach a sguabadh air falbh agus, aig an aon àm, Seall dhaibhsan a tha comhfhurtail le fèin-aithne dùbailte, no fiù Breatannach, gu bheil Alba neo-eisimeileach ion-obrachail agus buannachdail do dh’ uile a tha a’ fuireach san tìr, fèin-aithne Albannach ann no às.

Clibeanna: