Moladh mòr air Fèis Leabhair Ulapuil

Posted on Bealtaine 12, 2014 le

0



Air Cuan Dubh Drilseach

Ulapul

Bha deireadh seachdain buileach sgoinneil againn aig Fèis Leabhair Ulapuil agus chan urrainn dhomh a moladh cus.  Abair fosgladh sùile!  Cha chreid mi gun robh mi a-riamh aig fèis (chiùil, leabhair no ealain) a bha cho rianail, tlachdmhòr agus inntinneach.  Iomadh turas a bha mi ann an Ulapul, ach coltach ri mòran, dìreach gus am bàta fhaighinn a Steòrnabhagh, ach an turas seo, bha cothrom ceart agam cuairt a dhèanamh air a’ bhaile, agus thaitinn e gu mòr rium.  Dh’ionnsaich mi gu bheil fada a bharrachd ann an Ulapul na bhite an dùil is tu nad sheasamh aig a’ chidhe a’ feitheamh ri aiseag Leòdhais.   Bha an Fhèis fhèin ga cumail ann an Talla a’ Bhaile, ach chaidh ar biadhadh aig a’ Ceilidh Place shios an rathad, agus dios-o, bha am biadh math.  Bha na seiseanan uile smaoineachail, agus cuid, craicte èibhinn cuideachd.  Chòrd an seisean le A. L. Kennedy

Amharc ar an alt bunaidh 90 d’fhocla eile

Posted in: Nuacht