Fèis Leabhair Ulapuil san Albannach

Posted on Bealtaine 19, 2014 le

0



Air Cuan Dubh Drilseach

albannach Rinn  David Robinson  mòladh mòr air Fèis Leabhair Ulapuil ann am pìos a nochd anns an Albannach Didòmhnaich. Rachainn fhìn leis a h-uile rud a sgrìobh e mun fhèis.  Bha i sònraichte math. Cuideachd, chuirinn mo thaic-sa ris a’ mholadh a rinn e air an obair eadar-theangachaidh a rinn Mòrag Stiùbhart.  Tha cuimhne agam air a’ chiad uair a chunna mi eadar-theangachadh beò ga chleachdadh aig tachartas-leughaidh.  B’ ann an Uibhist a Deas a bha e, aig leughadh a rinn Aonghas Pàdraig Caimbeul, agus chuir e iongnadh mòr orm air cho math ’s a dh’obraich e.  Ann an sgìre dhà-chànanach, thug e cothrom tachartas litreachais a chumail tro mheadhan na Gàidhlig, gun a bhith a’ dùnadh a-mach a’ chuid anns an sgìre aig nach robh an cànan.  Ann an Uibhist cho math ri Ulapul, ’s e cothrom àraid agus cudromach a tha sin, agus a bhios sin anns an àm ri teachd gu cinnteach…

Amharc ar an alt bunaidh 117 d’fhocla eile

Posted in: Nuacht