LearnGaelic le Anndra, Coinneach is mi fhìn!

Posted on Meán an tSamhraidh 5, 2014 le

0



Air Cuan Dubh Drilseach

Learn-Gaelic-LogoJPEGTha seo dìreach sgoinneil. Chruthaich LearnGaelic.net leasan às a’ phìos-naidheachd a rinn BBC an Là mìos sa chaidh mun Fhèis-leabhair ann an Ulapul. Anns a’ phìos, rinn Coinneach Mac a’ Ghobhainn agallamh le Anndra Dunn agus leamsa, agus faodar èisteachd ris a’ phìos fhad ’s a leughar tar-sgrìobhadh dhen chòmhradh, agus e a’ dol bho ghlas gu dubh fhad ’s a tha sinn a’ bruidhinn, a’ comharrachadh far a bheilear anns a’ sgriobt. Faodar eadar-theangachadh Beurla dhen chòmhradh a leughadh cuideachd agus e a’ gluasad ceum air cheum ri taobh na Gàidhlig. Dìos-o, nach eil sin snasail!

Cha robh mi air coimhead air LearnGaelic.net ann an greis ach tha e soilleir gu bheil iad air mòran leasachaidh a dhèanamh air an làraich. Tha an goireas seo am measg na cuid as fheàrr a tha mi air faicinn airson ionnsachadh na Gàidhlig air loidhne. Math fhèin.

Amharc ar an alt bunaidh

Posted in: Nuacht