Còmhdhail Co-cheangailte a’ Cho-fhlaitheis

Posted on Deireadh an tSamhraidh 30, 2014 le

0



Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Chaidh sinn gu Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis an-diugh gus beagan den lùth-chleasachd fhaicinn. Bha deagh latha againn sa Hydro agus chunnaic sinn sgiobannan a dìofar dùtchannan a’ gabhail pàirt.

Mar phàirt den tiocaid againn, fhuair sinn còmhdhail phoblach saor is an-asgaidh dhan tachartas. Chaidh sinn air an trèana ach bha am bus agus an subway an-asgaidh cuideachd do dhaoine a bha a’ frithealadh nan geamaichean. Chan e a-mhàin gu bheil a’ chòmhdhail phoblach airson nan Geamaichean saor is an-àsgaidh ach tha barrachd trèanaichean a’ ruith agus tha iad a’ ruith nas anmoiche air an oidhche.

Ciorstaidh a' dol do na Geamaichean Ciorstaidh a’ dol do na Geamaichean

‘S e deagh rud a tha sin gun teagamh agus thug e orm smaoineachadh: carson nach eil còmhdhail cheangailte mar seo ann airson tachartasan mòra eile?

Ma tha thu a’ ceannachd tiocaid bho chompanaidh leithid TicketSoup no Ticketmaster etc, carson nach eil roghainn ann còmhdhail phoblach dhan tachartas a cheannach air prìs…

Amharc ar an alt bunaidh 375 d’fhocla eile

Posted in: Nuacht