Na thug air Gearmailteach taic a chur do Neo-Eisimeileachd

Posted on Lúnasa 7, 2014 le

0



yesalba

Ann am facal – riaghlachas. Governance, mar a chanar sa chànan eile. Ach ’s dòcha gum biodh mìneachadh beagan nas fhaide nas soilleire.

Chan Albannach ’s cha Sasannach mise. ’S e Gearmailteach a tha ’nam athair agus Sìneach a tha ’nam mhàthair is rugadh agus thogadh mise sa Ghearmailt. Cha dàinig mi a dh’Alba gus an robh mi 24 a dh’aois, a dhèanamh ceum aig Oilthigh Dhùn Èideann agus cha b’ e gaoil na Gàidhlig a thug orm a thighinn an-seo (ged a tha ùidh mhòr agam ann an cànanan san fharsaingeachd) ach gaol do chuideigin. Sasannaich a bha san dithis dhan dug mise gaol – ann an Alba. Feumaidh gu bheil comas-gàire aig an domhan.

Co-dhiù, ’s ciall dha sin nach robh mi calg-dhìreach an aghaigh taobh seach taobh nuair a ràinig mise – cha robh fiù fhios agam gun robh iomairt neo-eisimeileachd a’ dol ann an Alba…

Amharc ar an alt bunaidh 718 d’fhocla eile

Posted in: Nuacht