Nì airc innleachd! Northern Ireland Railways

Posted on Lúnasa 10, 2014 le

4



Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Bidh mi a’ daonnan a’ moladh NIR – Northern Ireland Railways – ­air a’ bhloga seo. ‘S e an rathad-iarainn beag as fheàrr san t-saoghal a th’ ann nam bheachd ach ann an iomadh dòigh ‘s e an rathad-iarainn as neònaiche san t-saoghal a th’ ann cuideachd.

Chaidh a’ chompanaidh a stèidheachadh ann an 1967 agus bhon tòiseach, ‘s e glè bheag de dh’airgead a bh’ aca. Cha d’fhuair iad riamh an uiread de shubsadaidh sa fhuair British Rail, cha robh an riaghaltas (seann riaghaltas Stormont no Westminster) riamh taiceil do na rathaidean-iarainn agus chaidh tòrr sgrios a dhèanamh air an lìonra anns na Trioblaidean.

Lìonra NIR

Mar sin, bha NIR ann an suidheachadh doirbh agus bha aca ri bhith uamhasach fhèin tapaidh gus na rathaidean-iarainn a chumail a’ dol.

Is dòcha nach robh airgead sam bith aca, ach ruith na trèanaichean co-dhiù – seann thrèanaichean air droch thrac –…

Amharc ar an alt bunaidh 558 d’fhocla eile

Posted in: Nuacht