Èirigh nan robotan

Posted on Lúnasa 15, 2014 le

0



Air Cuan Dubh Drilseach


Anns a’ bhideo sgoinneil gu h-àrd, tha CGP Grey a’ dèanamh argamaid làidir gu bheil robotan a’ tighinn airson ar n-obrach, chan ann ann an ceud bliadhna, no deich bliadhna, ach a-màireach, agus chan ann a-mhàin airson obair làimhe, ach airson obair de gach seòrsa: obair dhreuchail, obair chruthachail agus obair mhanaidsearachd. Ann an saoghal foirfe, thoireadh seo cothrom dhuinn gluasad gu eaconomaidh iar-ghainneid agus gun obair, ach tha fios againn uile nach tachair sin, an-toiseach co-dhiù. Tha an ùpraid a dh’adhbharaicheas na h-atharraichean seo a’ tighinn na deann agus cha chreid mi gu bheil luchd-poileasaidh an dùil rithe idir. Mar a tha Grey ag ràdh, chan e ficsean-saidheans a tha seo, ach fìrinn an latha an-diugh.

Via Laughingsquid. Cuideachd, tha redit ann far an tèid a’ bhideo seo a dheasbad.

Amharc ar an alt bunaidh

Posted in: Nuacht