Trèanaichean beaga sgonneil na h-Èireann!

Posted on Lúnasa 17, 2014 le

1



Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Bidh mi daonnan a’ moladh NIR  – Northern Ireland Railways – an rathad-iarainn beag as fheàrr san t-saoghal – sa bhloga seo. 

Ach a bharrachd air na trèanaichean mòra, tha meanbh rathad-iarainn no dhà ann an Ulaidh a tha fìor mhath.

Nuair a bha sin ann an Èirinn air ais san Iuchar, chaidh sinn gu Pàirce Dhùthchail Carnfunnock faisg air Latharna.

‘S e pàirc sgoinneil a tha seo le slighean-coiseachd, gàradh ballach, coille, caisteal sgeingeach (bouncy castle), ‘goilf craicte’, agus raon-cluiche mòr.

Ach nas cudromaiche, tha rathad-iarainn beag ann le trèana bheag dhearg. Tha an loidhne ann an cruth figear-8 agus tha deagh sheallaidhean rim faicinn den phàirc agus de chosta Chontae Aontroma.

Ma tha clann còmhla riut, còrdaidh an rathad-iarainn riutha gu mòr oir tha diofar mhodalan de bheathaichean air am falach faisg air an trac – feòragan agus gràineagan is cait is mar sin air adhart…

Amharc ar an alt bunaidh 53 d’fhocla eile

Posted in: Nuacht