A’ siubhail air feadh an t-saoghail le mo mhapa-sgrìobaidh #gàidhlig

Posted on Lúnasa 28, 2014 le

0



Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Is toil leam a bhith a’ siubhail agus is toil leam cuideachd a bhith a’ clàradh a h-uile àite far an robh mi.
Fhuair mi deagh phrèasant bho chionn bliadhna no dhà a tha na chuideachadh mòr le bhith a’ dèanamh seo: mapa-sgrìobaidh no scratch-map.
 ‘S e a tha seo ach mapa far an sgrìob thu dheth na h-àiteachan air an do thadhal thu. Tha e coltach ri scratch-card Lotto no rudeigin mar sin. Aig an tòiseach, tha am mapa dìreach ann an aon dàth ach fàsaidh e dathach le gach baile, sgìre no dùthaich a sgrìobas tu dheth.
Seo dealbh den mhapa mar a tha e an-dràsta. Mar a chì thu, tha mi air a bhith sa h-uile sgìre comhairle ann an Alba ach a-mhàin Arcaibh is Sealltainn. Tha grunn eileanan Gàidhealach nach fhaca mi fhathast nas motha, a’ gabhail a-staigh Ìle, Tioradh, na h-Eileanan Beaga, Hiort (!) is…

Amharc ar an alt bunaidh 288 d’fhocla eile

Posted in: Nuacht