Eòin Baistidh air an Central Line! #gaidhlig

Posted on Deireadh Fómhair 22, 2014 le

0



Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Dh’aithris mi air Rathad-iarainn Epping Ongar sa bhloga mu dheireadh agam. Bhuail e orm às dèidh làimh gu bheil ceangal laidir ann eadar an loidhne sin agus luchd na Gàidhlig ann an Lunnainn.

Clas 45 Clas 45 “Peak” aig Rathad-iarainn Epping Ongar, Essex

Bho chionn ceud bliadhna no mar sin, bhiodh Eòin Baistidh a’ baisteadh luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an Coille Epping aig ceann an Central Line.* Eòin baistiche? Seadh! Chan e am fear air a bheil sinn eòlach on Bhìoball ach fear air an robh Eòghann MacDhòmhnaill. Bidh sibh gu math eòlach air an ainm eile a bh’ air– Edward Dwelly. Mar sin, chan e fear na Fìrinn a bh’ ann ach fear an Fhaclair!

Edward Dwelly - fear an fhaclair Edward Dwelly

Dè bha e ris? A rèir coltais, bhiodh e a’ baisteadh luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le ainmean Gàidhlig ann an cuirmean ann an Coille Epping às dèidh dhaibh ìre a ruighinn anns a’ chànan. Chuala…

Amharc ar an alt bunaidh 510 d’fhocla eile

Posted in: Nuacht