Island Voices - Guthan nan Eilean
Tha Eairdsidh Caimbeul, à Beinn na Faoghla, air a bhith a’ toirt taic dhan phròiseict Guthan nan Eilean ann an iomadach dòigh bhon a thòisich sinn. Agus ‘s e a bha cuideachail a-rithis air an t-seachdain sa chaidh nuair a thadhail na h-Èireannaich oirnn. Tha e an comhnaidh deònach Gàidhlig a bhruidhinn, rud nach eil furasta uaireannan le luchd-ionnsachaidh a tha dìreach air tòiseachadh air a’ chànan. Agus tha clasaichean air a bhith aige air feadh nan eilean – clasaichean Ùlpan nam measg.
Seo e ma tha, a’ bruidhinn agus a’ beachdachadh air an turas a bh’ aige gu Èireann an uiridh, agus air na tha ri fhaicinn agus ri dhèanamh air an eilean aige fhèin…
Posted in: Nuacht
Posted on Samhain 3, 2014 le Tuairisceoir
0