Sùilean Èireannach air an Fhoghar

Posted on Samhain 3, 2014 le

0



Island Voices - Guthan nan Eilean

Seo blasad dhen obair bhidio aig Máirtín Mac Crábhagáin nuair a thàinig muinntir Thír Chonaill a chèilidh oirnn ann am Beinn na Faoghla.

Chaidh seo a dhèanamh aig an òsdail ann am Baile nan Cailleach – àite snog, sàmhach, comhfhurtail – fhad ’s a bha iad a’ feuchainn a-mach dòighean ùra airson cànan nàdarra a chlàradh. Nach math a rinn iad!

’S ann an Gaeilge na h-Èirinn a tha iad a’ bruidhinn an seo – ged a tha deagh Ghàidhlig Albannach aig Aodán agus aig Caoimhín cuideachd. Saoil dè cho furasta agus a tha e do Ghàidheil na h-Alba a bhith gan tuigsinn? Èistibh, agus gheibh sibh a-mach!

Amharc ar an alt bunaidh

Posted in: Nuacht