Fèin-aithne, daonnachd no cumhachd?

Posted on Samhain 17, 2014 le

0



Air Cuan Dubh Drilseach

Ann am beachd mòran, tha Bladerunner na mheòrachadh gun chosmhail air a’ cheist, dè tha e a’ ciallachadh a bhith daonna? Ach anns a’ bhideo gu h-àrd, tha an Nerdwriter air moladh, aig ìre nas doimhne, gu bheil Bladerunner a-mach air ceist eile, ciamar a lorgas sinn ar fèin-aithne anns an t-saoghal nuadh? Agus bho mo thaobhsa, mholainn, nas motha na fèin-aithne no daonnachd, gur ann mu dheidhinn cumhachd a tha Blade Runner. Chithear nach do rinn aon duine taghadh saor anns a’ fiolm, ach an Replicant, Roy Batty, aig an deireadh nuair nach do mhuirt e am Bladerunner, Rick Deckard. Bho Deckard gu Bryant, Rachael, J.F. Sebastian, agus na replicants uile — tha gach caractar fo smachd cuideigin eile. Tha beatha ann am Bladerunner air a bhogadh ann an cumhachd, an dà chuid cumhachd follaiseach agus cumhachd falaichte, agus saoilidh  mi gu bheil am fiolm a’ faighneachd nan ceistean, a bheil duine againn ga-rìribh saor anns…

Amharc ar an alt bunaidh 25 d’fhocla eile

Posted in: Nuacht