A bheil càirdean dealanach? #gàidhlig

Posted on Samhain 19, 2014 le

0



Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Bus dealanach taobh a-muigh Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne Bus dealanach taobh a-muigh Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne

Rinn mi beagan rannsachaidh air-loidhne air na busaichean às dèidh làimh. Chaidh dà bhus dhealanach a cheannach am-bliadhna le taic bhon Riaghaltas airson slighe 100 eadar Cearnag Sheòrais, an SECC agus Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne. Ged a tha busaichean hybrid cumanta gu leòr ‘s e busaichean làn dealanach a th’ anns an fheadhainn seo: thèid am plugadh a-steach air an oidhche agus obrachaidh iad fad an latha air an charge sin.

Ach cha robh e math gu leòr dìreach a bhith a’ leughadh mun deidhinn ge-tà – bha mi airson bus dealanach fheuchainn. Cho-dhùin sin gum biodh e snog a dhol air turas gu Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne agus às dèidh turas dhan bhaile air a’ Phlatapas Mhall (trèana Chànal Phàislig), ghlac sinn am bus ann an Ceàrnag Sheòrais.

Bus dealanach, An t-Armadillo, Glaschu Bus dealanach, An t-Armadillo, Glaschu

Cò ris a bha e coltach? Sàmhach! Sàmhach…

Amharc ar an alt bunaidh 98 d’fhocla eile

Posted in: Nuacht