An Lìon A-Muigh

Posted on Samhain 22, 2014 le

0



Air Cuan Dubh Drilseach

An dèidh na dh’ionnsaich sinn o chionn greis mu dheircneachadh riaghaltais air an eadar-lìon, tha mòran air beachdachadh air a’ cheist, dè thig an dèidh a’ chiad dreach dhen eadar-lìon? Dè bhios anns an eadar-lìon 2.0 mar gum b’ eadh? A bheil dòigh ann lìon nas tèarainte a thogail, ach cuideachd, lìon a bhios nas fhosgailte, lìon a bhios nas coltaich ris an t-seann lìon shaorsail a bha againn aig an toiseach, tràth anns na naochadan, no a bheil na làithean geala sin air falbh gu sìorraidh?

Tha iomadh ro-innleachd air am moladh gus eadar-lìon fosgailte tèarainte a thogail, ach tha an tè a tha ga moladh anns an iomairt Indiegogo gu h-àrd, Lantern, gu sònraichte inntinneach air sàilleabh ’s gu bheil i a’ tabhainn lìon a bhios, an dà chuid, gun urra agus uile-làthaireach. ’S e lìon aon-sligheach a th’ ann, anns an t-seagh gun urrainnear dàta a luchdachadh sìos gu coimpiùtair tro…

Amharc ar an alt bunaidh 193 d’fhocla eile

Posted in: Nuacht