Iompaireachd na Radch

Posted on Nollaig 5, 2014 le

0



Air Cuan Dubh Drilseach

AncillaryRinneadh gàirdeachas mòr ris a’ chiad nobhail le Ann Leckie, Ancillary Justice, nuair a thàinig i a-mach an clò an-uiridh. Bha Ancillary Justice gu h-iongantach soirbheachail. Choisinn an nobhail na trì duaisean a bu mhotha ann am ficsean-saidheans ann an 2014: Duais Hugo, Duais Nebula agus Duais Arthur C. Clarke, agus a bharrachd air càileachd an sgrìobhaidh innte, rinneadh mòran iomraidh air a’ choltas eadar Ancillary Justice agus an t-opra-fàinis aig Iain M. Banks. Dhùisg an coimeas ri Banks m’ aire gu sònraichte, agus nuair a thàinig an darna nobhail aig Leckie a-mach o chionn greis, Ancillary Sword, ghabh mi an cothrom an dà nobhail a leughadh, tè mu sheachd.

’S e Acillary Justice agus Ancillary Sword a’ chiad dà nobhail ann an sreath de thrì, suidhichte ann an siobhaltas eadar-reultach dan ainm, Iompaireachd na Radch, fo cheannas aintighearna a tha beò mar inntinn-lìonraidh air a sgaoileadh eadar…

Amharc ar an alt bunaidh 576 d’fhocla eile

Posted in: Nuacht