Manadh air bàs iom-chànanachais?

Posted on Eanáir 3, 2015 le

0



Air Cuan Dubh Drilseach

Leis cho luath ’s a tha na teicneòlasan aithneachadh-gutha, eadar-theangachadh innealach agus tùr innealta gan leasachadh, bha e do-sheachanta gun tigeadh eadar-theangachadh beò am bàrr uair no uaireigin, agus chithear anns a’ bhideò an àrd gur e Skype (agus mar sin, Microsoft) a tha air a’ chiad sheirbheis dha leithid a chur air bhog le eadar-theangachadh eadar Spànntais agus Beurla ri fhaodainn aig ìre beta a-nis.

Tha an leasachadh seo garbh inntinneach, le buaidh a dh’fhaodadh mòran atharrachadh a thaobh chànanan agus shluaighean air feadh an t-saoghail, ach tha e doirbh a ràdh le cinnt an-dràsta, ciamar. Dè buaidh a bheir seirbheisean mar seo air ionnsachadh cànain? An tèid an cleachdadh mar ghoireas gus taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh is dòcha, no ma bhios na seirbheisean seo air am fidhe a-steach gu teicneòlas eile mar Google Glass, an dèan iad ionnsachadh-cànain uile gu lèir neo-riatanach aig a’ cheann thall? Mar a chanas…

Amharc ar an alt bunaidh 91 d’fhocla eile

Posted in: Nuacht