Lèimheas ann an NÓS

Posted on Eanáir 7, 2015 le

0



Air Cuan Dubh Drilseach

NosSgrìobh Eoin P. Ó Murchú lèirmheas air ACDD anns an iris snasail Èireannach, NÓS, a thàinig a-mach an clò am mìos seo. Tha mi uabhasach toilichte gun do chòrd ACDD ri Ó Murchú, agus a bharrachd air an sgeulachd fhèin, rinn Ó Murchú moladh mòr air ealain agus air dealbhadh còmhdach na nobhail le Heather Brennan agus le Freight Design. Chuirinn mo mholadh fhìn ri sin. Mar as tric, chan eil mòran smachd aig ùghdaran air dealbhadh agus air ealain nan leabhraichean aca, agus tha mi cho fortanach gun d’fhuair ACDD dealbhadh a tha cho grin. Tha e ag ràdh mòran mun phroifeiseantachd aig CLÀR gu bheil na leabhraichean aca uile cho brèagha. Fhuair mi Sgrìobhaidhean Dhòmhnaill Mhic na Ceàrdaich sa phost o chionn ghoirid, an leabhar as ùire aig CLÀR, agus tha e a cheart cho àlainn.

Tha Ó Murchú air Gàidhlig na h-Alba ionnsachadh aig SMO agus tha mi taingeil gun…

Amharc ar an alt bunaidh 107 d’fhocla eile

Posted in: Nuacht