Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig

Posted on Feabhra 12, 2015 le

0



Air Cuan Dubh Drilseach

DASGBha adhbhar agam an tasglann dideatach ùr, DASG, a chleachdadh an seachdain seo, agus dìos-o, abair goireas. Rannsachadh a thoireadh mòran ùine a’ rùsladh tro fhaclairean roimhe, rinn mi ann an corra dhiog ann an DASG.

Seo na thachair: dh’èirich ceist a thaobh na h-abairt, neo-ar-thaing: an cleachdar i leis an fhoirm dhearbhach no àicheil dhen ghnìomhair (m.e.: neo-ar-thaing gun robh i brèagha NEO neo-ar-thaing nach robh i brèagha = gun robh i brèagha)? Ann am faclair Mark, tha grunn eisimpleirean ann dhen abairt ann an co-theacsa, ach chithear an sin gu bheil an dà structar air an cleachdadh. Ann an ACDD, chleachd mi fhìn ‘neo-ar-thaing’ leis an fhoirm dhearbhach dhen ghnìomhair, ach seachdain sa chaidh, mhol caraid dhomh gu bheil am foirm àicheil dhen ghnìomhair nas traidiseanta, an t-àicheadh dùbailte mar gum b’ eadh. Cò tha ceart? Uil, choimhead mi gu luath ann an DASG agus is coltach gu bheil…

Amharc ar an alt bunaidh 129 d’fhocla eile

Posted in: Nuacht