BBC Alba: tha rathad nas fheàrr ann

Posted on Aibreán 24, 2015 le

0



A chàirdean,

San latha an-diugh, tha na ceudan de shianalan telebhisean Beurla ann.  Tha na meadhanan a’ cur thairis leotha agus tha an àireamh a’ fàs.  Le tuigse air a seo, tha e tàmailteach gu bheil  BBC Alba – an aon sianal Gàidhlig air an t-saoghal – a’ roghnachadh uiread Beurla a chleachdadh.   Glè thric, gheibhear 70% Beurla ann am prògram, agus tha e ro fhurasta coire airson seo a chur air cumhachd na Beurla  san fharsaingeachd.   Feumar sùil a thoirt air poileasaidhean àrd-riaghladairean craolaidh.

Tha sinne a’ moladh gum bi cleachdadh làitheil na Gàidhlig air BBC Alba ga leudachadh gu mòr, gus còirichean nan Gàidheal a shàsachadh.  Sa bhad, feumar cur às don phoileasaidh a tha ag aobhrachadh fo-thiotalan Beurla loisgte.   Ann am prògraman rugbaidh, ball-coise, ceòl, fiosrachadh  is eile, tha aithrisean agus agallamhan Beurla gam piobrachadh a h-aona ghnothach.  Feumaidh seo stad.

Bu chòir do luchd-riaghlaidh atharraichean adhartach a chur an-sàs.  Mar eisimpleir, ghabhadh thar-ghuthan Gàidhlig cleachdadh nuair a dh’fheumadh cànain eile a bhith air an riochdachadh  (mar a rinneadh leis an sàr phrògram Eòrpa mar-thà).

Tha rathad nas fheàrr ann. Gabhamaid an cothrom  seirbheis telebhisean coileanta a thoirt do na Gàidheil.

Leis gach deagh dhùrachd,

1. Gwen Bowie, Srath Narann
2. Aonghas Pàdraig Caimbeul, An Caol
3. Ailean Dòmhnullach, Dùn Èideann/Gleann Uige
4. Louise Edmonds, Glaschu
5. Maureen Hammond, Farrais
6. Alison Kinnaird, Dùn Èideann
7. Ruairidh MacIomhair, Leòdhas
8. Robbie Anndra MacLeòid, Dùn Èideann
9. Aonghas Dubh MacNeacail, Carlops
10. Ishi NicIlleathain, Barraigh
11. Morag NicLeòid, Scalpaigh
12. Professor Robert Phillipson, Copenhagen
13. Des Scholes, Inbhir Narann
14. Tove Skutnabb-Kangas, Oilthigh Roskilde, An Danmhairg
15. Lisa Storey, Inbhir Nis

Tuilleadh fiosrachaidh

 1. Gwen Bowie, Srath Nàrann
’S e tidsear agus foillsichear Gàidhlig a th’ ann an Gwen Bowie.   Tha i a’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig an Inbhir Nis.

 2. Aonghas Pàdraig Caimbeul, An Caol/Uibhist a Deas
Tha Aonghas Pàdraig Caimbeul air iomadach duais a chosnadh mar bhàrd, nobhailiche, neach-naidheachd, craoladair agus cleasaiche.

 3. Ailean Dòmhnullach, Dùn Èideann/Gleann Uige
’S e sàr cheòladair a th’ ann an Ailean Dòmhnullach. Tha Gàidhlig aige bho thùs.

 4. Louise Edmonds, Glaschu
Tha Louise Edmonds ag ionnsachadh na Gàidhlig agus tha i na parant ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, Tha i a’ creidsinn gu mòr ann am fo-thiotalan Gàidhlig ceangailte ri ionnsachadh agus daoine le duilighdeasan-claisneachd.

 5. Maureen Hammond, Farrais
’S e dealbhadair agus neach-rannsachaidh a th’ ann am Maureen Hammond. Tha i ag ionnsachadh na Gàidhlig agus ’s ann à Ceann a Ghiuthsaich a tha i.

 6. Alison Kinnaird, Dùn Èideann
Tha còirichean dhaoine ceangailte ri dualchas agus an cuid cànain – ge brith cò às a tha an neach – dha-rìreabh cudromach do dh’Alison Kinnaird, tè-cunntasachd a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig an Dùn Èideann.

 7. Ruairidh MacIomhair, Leòdhas
Tha Ruairidh MacIomhair à Leòdhas agus tha e a’ dèanamh PhD an Oilthigh Ghlaschu.

 8. Robbie Anndra MacLeòid, Dùn Èideann/Gaillimh
‘S ann an Oilthigh Ghlaschu a tha Robbie Andrew MacLeòid cuideachd. Chaidh Robbie tro foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus tha ceangal làidir aige ri Barraigh. Bidh e tric ri ceòl.

 9. Aonghas Dubh MacNeacail, Carlops
Tha an Sgitheanach ainmeil Aonghas Dubh MacNeacail air iomadh duais a chosnadh airson a chuid sgrìobhaidh.

10. Ishi NicIlleathain, Barraigh
Tha Gàidhlig bho thùs aig Ishi NicIlleathain à Bàrraigh. Tha i gu math eòlach air saoghal craolaidh. Bidh i a’ sgrìobhadh cuideachd.  ’S toigh leatha a bhith a’ dol gu duthchannan eadar-dhealaichte air feadh an t-saoghail ,nuair a gheibh i an cothrom.

11. Morag NicLeòid, Scalpaigh
Tha Morag NicLeòid, a b’ abhaist a bhith aig Sgoil Eòlais na h-Alba ann an Oilthigh Dhùn Eideann, na sàr eòlaiche air òrain Ghàidhlig.

12. An t-àrd-Ollamh Robert Phillipson, Copenhagen
Tha Robert Phillipson na eòlaiche air cùisean cànain agus tha uidh mhòr aige sa Roinn-Eòrpa, gu h-àraid an EU fhèin.  ’S e esan a sgrìobh an leabhar ainmeil, Linguistic Imperialism. ’S iomadh leabhar agus pàipear eile a dh’fhoillsich e cuideachd.

13. Des Scholes, Inbhir Narann
Dh’ionnsaich Des Scholes a’ Ghàidhlig gu ìre fileantais – ged a bha e air a bhith mòran na b’ fhasa dha, tha e ag radh, nan robh fo-thiotalan Gàidhlig ann air telebhisean. Bidh e ri blogaichean agus tha e an-sàs ann an obair coimhearsnachd.

14. Dr Tove Skutnabb-Kangas, Oilthigh Roskilde, An Danmhairg  agus Åbo Akademi, University Vasa, Suomi
’S e sàr ùghdar eadar-nàiseanta a th’ ann an Tove Skutnabb-Kangas. Tha i mion-eòlach air gnothaichean ceangailte ri còirichean, foghlum agus leasachaidhean-cànain.  Bhuannaich i duais UNESCO Linguapax ann an 2003.

15. Lisa Storey, Inbhir Nis/Bhatarsaigh
’S e sgrìobhadair agus foillsichear Gàidhlig a th’ ann an Lisa Storey.

Tha daoine eile ann a tha a’ cur taic – daoine a tha a cheart cho foghlamaichte agus/neo a’ faireachdain a cheart cho làidir mu dheidhinn.  Cha d’ fhuair sinn ùine neo cothrom a h-uile duine ainmeachadh thuige seo. Agus, tha duine neo dithis eile ann a tha a’ cur làn-thaic ris an iomairt ach a tha ga fhaighinn doirbh bruidhinn gu poblach – mar eisimpleir feadhainn a tha ag obair ann an craoladh fhèin.  Tha sinn a’ tuigsinn nach eil e furasta dhaibh, ach tha sinn glè thaingeil gu bheil iad taiceil.

www.gaidhlig.tv

Posted in: Nuacht