Luaithead-teicidh?

Posted on Bealtaine 19, 2015 le

0



Air Cuan Dubh Drilseach

Bha mi a’ leughadh tro Dwelly an latha eile — dhiup, chan eil beatha agam — agus thachair mi ris an fhacal, teòthad, ga mhìneachadh le Dwelly mar degree of heat, agus thàinig e a-steach orm, duh … sin a’ Ghàidhlig air temperature. Feumas gu bheil mi tiugh, ach gu ruige sin, cha robh mi eòlach air facal air temperature anns a’ Ghàidhlig, ga thuigsinn mar sgèile °C no °F, agus ann an còmhradh Gàidhlig, chleachdainn am facal Beurla air iasad. Cha chreid mi gun cuala mi teòthad air aithris na tìde air Radio nan Gàidheal, chan eil cuimhne agam, ach saoilidh mi gum biodh e freagarrach.

Beagan ron sin, lorg mi am facal, searbhad ann an Dwelly, ga mhìneachadh mar degree of bitterness, sourness, harshness or severity, agus smaoinich mi, seagh, is dòcha gur e searbhad am facal Gàidhlig ceart air acidity (pH) anns a’ Ghàidhig. ’S e searbhag am…

Amharc ar an alt bunaidh 208 d’fhocla eile

Posted in: Nuacht