Ficsean-saidheans anns a’ Chuimris

Posted on Bealtaine 25, 2015 le

0



Air Cuan Dubh Drilseach

un_manAnns a’ Boston Globe an-dè, dh’aithris Britt Patterson mun aiseiridh a thathas a’ faicinn ann am ficsean-saidheans anns a’ Chuimris an-dràsta. Thug Patterson iomradh sònraichte air an nobhail ùir fhicsean-saidheans, Un Man, le Joanna Davies, a choisinn leabhar na mìosa le Comhairle nan Leabhraichean Cuimris. Bhruidhinn Patterson ri Miriam Elis Jones, oileanach PhD a tha a’ sgrùdadh ficsean-saidheans anns a’ Chuimris agus a chumas blog, Gwyddonias, a-mach air ficsean-saidheans agus ga sgrìobhadh anns a’ Chuimris, agus airson co-theacsa Ameireaganach, bhruidhinn Patterson ri Grace Dillon, a dheasaich co-chruinneachadh de sgeulachdan ficsean-saidheans le ùghdaran tùsanach, Walking the Clouds. Chan eil gin dhe na sgeulachdan ann an Walking Clouds ann an cànan tùsanach ge tà. A rèir Dillon, cha deach ficsean-saidheans sam bith a sgrìobhadh ann an cànan tùsanach ann an Ameireaga, agus mhol Patterson gur e cionn taic sructarach as coireach. Is cinnteach gu bheil i ceart. An cànan Diné (Navajo) gu…

Amharc ar an alt bunaidh 136 d’fhocla eile

Posted in: Nuacht