An rathad-iarainn as giorra air a’ Ghàidhealtachd #gaidhlig

Posted on Deireadh an tSamhraidh 7, 2015 le

0



Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Is iomadh rathad-iarainn a chunnaic mi ri mo latha is ri mo linn ach cha robh gin aca cho annasach ris an fhear a chunnaic mi ri taobh stèisean Raoghaird (Rogart – ROG) air Loidhne a’ Chinn a Tuath bho chionn goirid.

Mhothaich mi bliadhnaichean air ais gun robh shunter beag anns a’ ghàrradh aig ostail Sleeperzzz aig seann togalach an stèisein anns a’ cheàrnaidh iomallach seo de Chataibh ach cha do thuig mi idir gun robh trac ann cuideachd.

Tha mi air a bhith ag obair air prògram do BhBC Alba mu rathaidean-iarainn air a’ Ghàidhealtachd agus mar phàirt de seo, bha cothrom agam agallamh a dhèanamh leis an eòlaiche còmhdhail Frank Roach a tha ag obair aig HITRANS agus a tha mion-eòlach air loidhne a’ Chinn a Tuath. ‘S ann le Frank agus a bhean Ceit a tha Sleeperzzz cuideachd agus mar sin, dh’fhaighnich mi dha…

Amharc ar an alt bunaidh 228 d’fhocla eile

Posted in: Nuacht