Postair sgoilearach a rinn mi mu Latha Twitter na #Gàidhlig airson #iccs15

Posted on Deireadh an tSamhraidh 27, 2015 le

0



Seumaidh ®

comhdhail

An t-seachdain seo, ghabhail mi pàirt san XVmh Còmhdhail Eadar-Nàiseanta na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu.

Feumaidh mi ràdh gun robh e abair urram a bhith an sàs mar neach-taic agus cuideachd mar neach-pàirteachaidh.

‘S e deagh chothrom a bh’ ann cuideachd a bhith a’ bruidhinn ri daoine mun cho-labhairt bliadhnail ACSIB aig Aberystwyth agus Penryn, Falmouth far an d’ rinn mi pàipearan eile air a’ Ghàidhlig agus Twitter.

Tha am postair agam air Latha Twitter na Gàidhlig air Academia.org deiseal an-dràsda a leughadh air loidhne. Dìreach briog air an dealbh a-bhos gus lethbhreac ann am format pdf a luchdadh a-nuas!

Bidh mi an comhnaidh toilichte a chluintinn beachdan sam bith ò neach sam bith mun obair agam.

postair

Amharc ar an alt bunaidh

Posted in: Nuacht